Jump to content

William McIlvanney

O Uicipeid
William McIlvanney
Beatha
Breith Cille Mheàrnaig, 25 dhen t-Samhain 1936
Dùthaich  Alba
Bàs Netherlee (en) Translate, 5 dhen Dùbhlachd 2015
Nàdar a’ bhàis  (tinneas Alzheimer)
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Kilmarnock Academy (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, neach-naidheachd agus bàrd
Obraichean comharraichte Laidlaw (en) Translate
Duaisean a fhuaras
IMDb nm0570532

B' e William McIlvanney (25mh An Samhainn 1936–5mh An Dùbhlachd 2015) ùghdar Albannach, ainmeil airson na leabhraichean eucoir (tartan noir) agus caractaran is cuspairean clas-obrach. Se suidheachadh mòran de na sgeulachdan aige Glaschu anns na 70an.

Rugadh McIlvanney ann an Cille Mheàrnaig 25mh An Samhainn 1936, agus cheumnaich e bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1960 le ceum ann an litreachas. Bha e ag obair cha mhòr fichead bliadhna mar tidsear ann an Irbhinn, mas do thòisich e a' sgrìobhadh làn-ùine.

Fad a bheatha, se sòisealach a bh' ann agus, mu dheireadh, thug e taic dhan strì airson neo-eisimeileachd Albannach.

Se na leabhraichean as iomraitiche aige, The Big Man agus na trì leabhraichean eucoir Laidlaw, suidhichte ann an Glaschu, agus Docherty, a ghabhas àite ann am baile mèinnearachd Albannach.

Shiubhal e ann an Glaschu ann an 2015. Ann an 2020, chaidh a chur an cèill gum bitheadh Ian Rankin (ùghdar eucoir Albannach a fhuair brosnachadh nuair a bha e òg bho McIlvanney) a' clò-bhualadh sgeulachd ùr Laidlaw le bhith a' cur crìoch air làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte McIlvanney.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ian Rankin to finish William McIlvanney’s unfinished novel, The National, 5mh An Dùbhlachd, 2020